Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 7:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Agus b’i a nighean Serah, ise a thog Bet-horon ìochdarach, agus uachdarach, agus Udsen-serah).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thog Solamh Gèser, agus Bet-horon ìochdarach,

Agus chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh a mhnà, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac, agus thug e Beriah mar ainm air, a chionn gun d’èirich gu h‑olc da thaigh.

Agus b’e Rephah a mhac, mar an ceudna Reseph, agus Tela a mhac-san, agus Tahan a mhac-san,

Mar an ceudna thog e Bet-horon uachdarach, agus Bet-horon ìochdarach, bailtean daingnichte, le ballachan, geatachan, agus croinn:

Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.

Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan