Agus Sabad a mhac-san, agus Sutelah a mhac-san, agus Eser, agus Elead, a mharbh fir Ghat a rugadh anns an tìr sin, a chionn gun tàinig iad a‑nuas a thogail an creich.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuin na Philistich gu dìoghaltach, agus gun do rinn iad dìoghaltas le cridhe aingidh gu milleadh, airson an t‑seann naimhdeis;
Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.
Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.