Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus mic Ulaim: Bedan. B’iad sin mic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh.

Agus b’iad mic Shemida, Ahian, agus Sechem, agus Lichi, agus Aniam.

Is iad seo mic Ghilead: o Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Helec, teaghlach nan Heleceach:

Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.

Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar-bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.

Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.

Ach thàinig spiorad an Tighearna air Gideon, agus shèid e trompaid, agus ghairm e Abieser na dhèidh.

Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan