Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.
Agus ghabh Machir mar mhnaoi piuthar Hupim agus Shupim, agus b’e ainm a peathar Maachah:) agus b’e ainm an dara mic Selophehad: agus bha aig Selophehad nigheanan.
An sin thàinig nigheanan Shelophehaid, mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean Mhanaseh, mhic Iòseiph: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, Nòah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah.
Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.
A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh-sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh-thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair.