Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot-taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,
Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.
Agus thubhairt i, Gu cinnteach thèid mi leat: gidheadh cha bhi an turas a ghabhas tu a‑chum do chliù; oir do làimh mnà reicidh an Tighearna Sisera. Agus dh’èirich Deborah, agus chaidh i maille ri Barac gu Cedes.