Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:71

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Do mhic Ghersoim thugadh o theaghlach leth-threubh Mhanaseh, Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, agus Astarot le a fhearann co‑roinn:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus o leth-threubh Mhanaseh: Aner le a fhearann co‑roinn, agus Bileam le a fhearann co‑roinn, airson teaghlach chloinn Chohait a dh’fhàgadh.

Agus o threubh Isachair: Cedes le a fhearann co‑roinn, Daberat le a fhearann co‑roinn,

An dèidh dha Sihon rìgh nan Amorach a mharbhadh, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus Og rìgh Bhasain, a bha a chòmhnaidh aig Astarot ann an Edrei,

Eadhon Beser anns an fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird, de na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, de na Gadaich; agus Golan ann am Basan, de na Manasaich.

Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.

Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.

Agus do chloinn Ghersoin de theaghlaichean nan Lèbhitheach, à leth eile treubh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Bees-tèrah, le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.

Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth-threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.

Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan