Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:68

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Iocmeam le a fhearann co‑roinn, agus Bet-horon le a fhearann co‑roinn,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Baanah mac Ahiluid; aigesan bha Taanach, agus Megido, agus Bet-sean uile, a tha làimh ri Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet-sean gu Abel-meholah, gu ruig an taobh thall de Iocneam:

Agus thug iad dhaibh de na bailtean-dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn,

Agus Aialon le a fhearann co‑roinn, agus Gat-rimon le a fhearann co‑roinn:

Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan-meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.

Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:

Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet-horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet-horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan