Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:62

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Dh’òrdaicheadh mar an ceudna am bràithrean na Lèbhithich a‑chum gach uile ghnè sheirbhis ann am pàillean taigh Dhè.

Agus do mhic Chohait a dh’fhàgadh de theaghlach an treubha sin, thugadh on leth-threubh, eadhon leth-threubh Mhanaseh, le crannchur, deich bailtean.

Do mhic Mherari air feadh an teaghlaichean, o threubh Reubein, agus o threubh Ghad, agus o threubh Shebuluin, thugadh le crannchur dà‑bhaile-dheug.

Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth-threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.

Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile-dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan