Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì-bailtean-deug.
Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.