Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:60

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì-bailtean-deug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.

Agus Asan le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn:

Agus do mhic Chohait a dh’fhàgadh de theaghlach an treubha sin, thugadh on leth-threubh, eadhon leth-threubh Mhanaseh, le crannchur, deich bailtean.

Agus is iad seo mic Ehuid: is iad seo cinn athraichean luchd-àiteachaidh Gheba, agus dh’atharraich iad gu Manahet;

Agus à taigh Ghilgail, agus à machraichean Gheba agus Asmabheit; oir thog an luchd-seinn bailtean beaga dhaibh fhèin mu thimcheall Ierusaleim.

Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim; cluinnear e gu ruig Lais, O Anatot thruagh.

Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin:

Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh.

Gun d’imich an sin Ieremiah a‑mach à Ierusalem, a‑chum dol gu fearann Bheniàmin, a dh’fhaotainn cuibhrinn dheth am measg an t‑sluaigh.

Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga.

Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan