Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.
Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige.
Agus is iad seo an àiteachan-còmhnaidh, air feadh an lùchairtean nan crìochan, de mhic Aaroin, de theaghlaichean nan Cohatach; oir bu leòsan an crannchur.
Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah:
Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.