Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t‑airgead agus an t‑òr agus na soithichean ann an taigh ar Dè, le làimh Mheremoit mhic Uriah an sagart, agus maille ris bha Eleàsar mac Phinehais, agus maille riùsan Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lèbhithich:
Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.
Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh,
Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus ghabh e Iosua, agus chuir e an làthair Eleàsair an sagart e, agus an làthair a’ choitheanail uile.
Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.
Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs an làthair an Tighearna, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinài, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt, ann an sealladh Aaroin an athair.