Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt-loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè.
Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.
Agus do theaghlaichean chloinn Mherari, a’ chuid eile de na Lèbhithich, à treubh Shebuluin, Iocneam le a fhearann co‑roinn, agus Cartah le a fhearann co‑roinn,