Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mhic Mhahli, mhic Mhusi, mhic Mherari, mhic Lèbhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Mic Mherari: Machli agus Musi: mic Mhachli; Eleàsar agus Cis.

A chionn gum b’e an dreuchd-san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè;

Mhic Amsi, mhic Bhani, mhic Shameir,

Dh’òrdaicheadh mar an ceudna am bràithrean na Lèbhithich a‑chum gach uile ghnè sheirbhis ann am pàillean taigh Dhè.

Ach achaidhean a’ bhaile agus a fhrith-bhailtean thug iad do Chàleb mac Iephuneh.

Agus mic Mherari: Mahali agus Musi: is iad sin teaghlaichean Lèbhi, a rèir an ginealaichean.

Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein.

Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean.

Agus iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean;

Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Agus do chloinn Ghersoin de theaghlaichean nan Lèbhitheach, à leth eile treubh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Bees-tèrah, le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.

Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile-dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan