Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ chiad uair an laoidh mholaidh seo don Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithrean:

Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

De mhic Asaiph: Sachur, agus Iòseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fo làimh Asaiph, a bha ri fàidheadaireachd a rèir àithne an rìgh.

A‑thaobh roinnean nan dorsairean: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, de mhic Asaiph.

Mhic Ishair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, mhic Israeil.

Mhic Mhichaeil, mhic Bhaaseiah, mhic Mhalchiah,

Agus air Iahasiel, mac Shechariah, mhic Bhenaiah, mhic Iehieil, mhic Mhataniah, Lèbhitheach de mhic Asaiph, bha spiorad an Tighearna, ann am meadhon a’ choitheanail:

Agus de mhic Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus de mhic Asaiph, Sechariah agus Mataniah:

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud, fichead agus a h‑ochd.

Agus nuair a leag an luchd-togail bunait teampall an Tighearna, sheas na sagartan nan culaidhean le trompaidean, agus na Lèbhithich, mic Asaiph, le ciombalan, a mholadh an Tighearna le làimh Dhaibhidh rìgh Israeil.

Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

Agus b’e fear-coimhead-thairis nan Lèbhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicah. De mhic Asaiph, bha an luchd-seinn, fa chomhair obair taigh Dhè:

Agus cuid de mhic nan sagart le trompaidean; Sechariah mac Ionatain, mhic Shemaiah, mhic Mhataniah, mhic Mhichaiah, mhic Shacuir, mhic Asaiph;

Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud, dà‑fhichead agus a h‑ochd.

Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine.

Gu deimhinn, tha Dia math do Israel, dhaibhsan a tha glan nan cridhe.

Carson, a Dhè, a thilg thu uat sinn gu bràth, agus a lasas d’fhearg ri caoraich d’ionaltraidh?

Bheir sinn moladh dhut, a Dhè, bheir sinn moladh; oir gu bheil d’ainm am fagas, cuiridh d’obraichean iongantach an cèill.

Aithnichear Dia ann an Iùdah; ann an Israel tha a ainm mòr;

Lem ghuth dh’èigh mi ri Dia, lem ghuth dh’èigh mi ri Dia, agus dh’èisd e rium.

Eisdibh, O mo shluagh, rim reachd; aomaibh ur cluas a‑chum briathran mo bheòil.

A Dhè, thàinig na cinnich a‑steach dod oighreachd; thruaill iad do theampall naomh; dh’fhàg iad Ierusalem na cùirn.

O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.

Seinnibh gu h‑ait do Dhia ar neart; togaibh iolach to Dhia Iàcoib.

Tha Dia na sheasamh ann an coitheanal nan cumhachdach; am measg nan diathan bheir e breith.

A Dhè, na bi ad thosd; na bi sàmhach, agus na bi ad thàmh, a Dhè;

Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì-bailtean-deug.

Agus thug iad a‑mach à treubh chloinn Iùdah, agus à treubh chloinn Shimeoin, na bailtean seo a tha air an ainmeachadh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan