Mhic Ishair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, mhic Israeil.
Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.
Ceannard nan Lèbhitheach, Hasabiah mac Chemueil: ceannard nan Aaronach, Sadoc:
Mhic Thahait, mhic Asir, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah,
Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea,
Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì-bliadhna-deug ar fhichead.
Agus mic Idshair: Corah, agus Nepheg, agus Sichri.
Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel.