Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear-ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Uime sin dh’òrdaich na Lèbhithich Heman mac Ioeil; agus de a bhràithrean, Asaph mac Bherechiah; agus de mhic Merari am bràithrean, Etan mac Chusaiah:

Agus bha an luchd-ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha;

Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich.

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Agus mic Shamueil: an ciad-ghin Ioel, agus an dara Abiah.

Agus bha iad a’ frithealadh fa chomhair pàillean bùth a’ choitheanail le ceòl, gus an do thog Solamh taigh an Tighearna ann an Ierusalem; agus an sin dh’fheith iad air an dreuchd a rèir an òrdaigh.

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

Agus de mhic Hemain, Iehiel agus Simei: agus de mhic Iedutuin, Semaiah agus Udsiel.

An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

A Thighearna, a Dhè mo shlàinte, a là agus a dh’oidhche ghlaodh mi ad fhianais.

Thoir treubh Lèbhi am fagas, agus taisbein iad an làthair Aaroin an sagart, a‑chum is gum fritheil iad dha.

Agus bheir thu na Lèbhithich do Aaron, agus da mhic: tha iad air an tabhairt dha gu h‑iomlan a‑mach à cloinn Israeil.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.

Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.

Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan