Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad a’ frithealadh fa chomhair pàillean bùth a’ choitheanail le ceòl, gus an do thog Solamh taigh an Tighearna ann an Ierusalem; agus an sin dh’fheith iad air an dreuchd a rèir an òrdaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Iohanan Asariah (esan a bha a’ frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt anns an taigh a thog Solamh ann an Ierusalem),

Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiùil ann an taigh an Tighearna an dèidh don àirc fois fhaghail.

Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear-ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil,

Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.

Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.

Agus thug e mi a‑chum a’ gheata-staigh; agus, feuch, an sin bha dà sheòmar anns a’ chùirt a‑staigh; aon air taobh tuath a’ gheata, ag amharc ris an àird a deas, agus an t‑aon eile air taobh deas a’ gheata, ag amharc ris an àird a tuath.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan