An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.
An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò.
Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.
An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna.
Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.
Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd-shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh,
Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich.
Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,