Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 6:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Salum Hilciah, agus ghin Hilciah Asariah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.

Falbh suas gu Hilciah an t‑àrd-shagart, a‑chum gun àireamh e an t‑airgead a thugadh do thaigh an Tighearna, a chruinnich luchd-gleidhidh an dorais on t‑sluagh:

Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Salum,

Agus ghin Asariah Seraiah, agus ghin Seraiah Iehosadac,

Agus b’iad mic Chohait, Amram, agus Ishar, agus Hebron, agus Udsiel.

Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

Le làimh Elasah mhic Shaphain, agus Ghemariah mhic Hilciah (a chuir Sedeciah rìgh Iùdah do Bhàbilon, gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin), ag ràdh,

Agus b’e ainm a chiad-ghin mic Ioel, agus ainm a dhara mic Abiah: bha iad nam britheamhan ann am Beer-sèba.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan