Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Bela mac Asais, mhic Shema, mhic Ioeil, aig an robh a chòmhnaidh ann an Aroer, eadhon gu ruig Nebo, agus Bàal-meon:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mic Ioeil: Semaiah a mhac, Gog a mhac-san, Simei a mhac-san,

Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.

Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.

Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet-iesimot-Bàalmeon, agus Ciriataim,

Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer,

Agus Nebo, agus Bàal-meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.

Imich suas don bheinn seo Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhòaib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh de thìr Chanàain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh;

Agus chaidh Maois suas o chòmhnardan Mhòaib gu sliabh Nebo, gu mullach Phisgah, a tha thall fa chomhair Iericho: agus nochd an Tighearna dha fearann Ghilead uile gu Dan.

Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:

Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot-bàal, agus Bet-ball-meon,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan