Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Beerah a mhac-san, a thug Tilgat-pilneser, rìgh Asiria air falbh leis: b’esan uachdaran nan Reubeneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat-pileser rìgh Asiria, ag ràdh, Is mise d’òglach agus do mhac: thig a‑nìos agus saor mi à làimh rìgh Shiria, agus à làimh rìgh Israeil, a dh’èirich am aghaidh.

Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul rìgh Asiria, agus spiorad Thilgat-pilneseir rìgh Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh), agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhainn Ghosain, gus an là‑an‑diugh.

Micah a mhac-san, Reaia a mhac-san, Bàal a mhac-san,

Agus bha a bhràithrean a rèir an teaghlaichean (nuair a dh’àirmheadh an sloinneadh a rèir an ginealaichean), nan cinn-fheadhna, Ieiel, agus Sechariah,

Uime sin thàinig Tilgat-pilneser rìgh Asiria da ionnsaigh, agus shàraich, ach cha do neartaich e e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan