Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul rìgh Asiria, agus spiorad Thilgat-pilneseir rìgh Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh), agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhainn Ghosain, gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat-pileser rìgh Asiria, ag ràdh, Is mise d’òglach agus do mhac: thig a‑nìos agus saor mi à làimh rìgh Shiria, agus à làimh rìgh Israeil, a dh’èirich am aghaidh.

Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.

Agus thug rìgh Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach:

An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar?

Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas.

Beerah a mhac-san, a thug Tilgat-pilneser, rìgh Asiria air falbh leis: b’esan uachdaran nan Reubeneach.

Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais.

Uime sin thàinig Tilgat-pilneser rìgh Asiria da ionnsaigh, agus shàraich, ach cha do neartaich e e.

Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria.

Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.

An sin dh’èirich cinn athraichean Iùdah agus Bheniàmin, agus na sagartan agus Lèbhithich, gach neach aig an do dhùisg Dia a spiorad gu dol suas a thogail taigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem.

An do theasairg diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus mic Edein a bha ann an Telasar?

Gu deimhinn, O Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich uile, agus am fearann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan