Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.
Agus b’iad seo cinn-taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn-taighe an athraichean.
Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais.
Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.
Na dèan aoibhneas, O Israeil, na dèan gàirdeachas mar na cinnich: oir chaidh thu air strìopachas od Dhia: ghràdhaich thu duais air gach uile ùrlar-arbhair.
Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.
Gidheadh chan èisdeadh iad rim britheamhan, ach chaidh iad le strìopachas an dèidh dhiathan eile, agus chrom iad iad fhèin dhaibh: thill iad gu grad as an t‑slighe anns an d’imich an athraichean, a’ toirt gèill do àitheantan an Tighearna: cha do rinn iadsan mar sin.
Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.