Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad seo cinn-taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn-taighe an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd.

Agus mic Apaim: Isi. Agus mic Isi: Sesan. Agus mic Shesain: Ahlai.

Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmean nan ceannardan nan teaghlaichean fhèin: agus ann an taigh an athraichean mheudaich iad gu mòr.

Agus chòmhnaich clann leth-threubh Mhanaseh anns an tìr, o Bhasan gu Bàal-hermon agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor.

Ach chiontaich iad an aghaidh Dia an athraichean, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh diathan muinntir na tìre, a sgrios Dia romhpa.

Agus mic Udsi: Israhiah: agus mic Israhiah: Michael, agus Obadiah, agus Ioel, agus Isiah, còignear; iad uile nan cinn-taighe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan