Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chòmhnaich clann leth-threubh Mhanaseh anns an tìr, o Bhasan gu Bàal-hermon agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad seo cinn-taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn-taighe an athraichean.

Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air slèibhtean Shioin; oir an sin dh’àithn an Tighearna am beannachadh, beatha gu sìorraidh.

Leamsa o Lebanon, a chèile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana, o mhullach Shenir agus Hermoin, o àitean-tàimh nan leòmhann, o bheanntan nan liopard.

Rinn iad d’uile chlàir de chruinn-ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann-siùil dhut.

B’iad mic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean, Manaseh agus Ephraim.

Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.

Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan