Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.
Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.
Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.
Agus thug iad leo am feudail; càmhail deich agus dà‑fhichead mìle, agus de chaoraich dà cheud agus leth-cheud mìle, agus asail dà mhìle, agus de dhaoine ceud mìle:
Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul rìgh Asiria, agus spiorad Thilgat-pilneseir rìgh Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh), agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhainn Ghosain, gus an là‑an‑diugh.
Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.