Agus thug iad leo am feudail; càmhail deich agus dà‑fhichead mìle, agus de chaoraich dà cheud agus leth-cheud mìle, agus asail dà mhìle, agus de dhaoine ceud mìle:
Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.
Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.
Agus canal, agus nithean deagh-fhàile, agus ola-ungaidh, agus tùis, agus fìon, agus ola, agus min mhìn, agus cruithneachd, agus ainmhidhean, agus caoraich, agus eich, agus carbadan, agus tràillean, agus anaman dhaoine.