Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Eiphit, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Eiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa.
Thug beannachdan d’athar barrachd air beannachdan mo shinnsearan, gu ruig foir-iomall nan sliabh sìorraidh; bidh iad air ceann Iòseiph agus air mullach a chinn-san a sgaradh o a bhràithrean.
Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.
Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.
Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah.
Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.
Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuathaichte mar an ciad-ghin, le roinn dhùbailte a thoirt dha de gach nì a tha aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ chiad-ghin.
Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.
An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.
Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.
Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.