Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’àirmheadh iad sin uile le sloinnteireachd ann an làithean Iotaim rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim rìgh Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chaidil Iehoas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil, agus rìghich Ierobòam a mhac na àite.

Ann an còigeamh-bliadhna-deug Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, thòisich Ierobòam mac Iòais, rìgh Israeil, air rìoghachadh ann an Samaria; agus rìghich e bliadhna agus dà‑fhichead.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?

Ann an dara bliadhna Phecah mac Remaliah rìgh Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah rìgh Iùdah air rìoghachadh.

Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre.

Agus bha a bhràithrean a rèir an teaghlaichean (nuair a dh’àirmheadh an sloinneadh a rèir an ginealaichean), nan cinn-fheadhna, Ieiel, agus Sechariah,

Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha Iotam nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan