Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 5:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh iad còmhnaidh ann an Gilead, ann am Basan, agus na bhailtean, agus ann an uile fhearann cho-roinn Shàroin, air an crìochan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus os cionn a’ chruidh a bha air feurach ann an Sàron bha Sitrai an Saronach: agus os cionn a’ chruidh anns na gleanntan bha Saphat mac Adlai.

Ahi mac Abdieil, mhic Ghuni, ceann-taighe an athraichean.

Is ròs o Shàron mise, lilidh nan gleann.

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh-sa, a bha gam iarraidh.

Agus chunnaic iadsan uile e, a bha a chòmhnaidh ann an Lida, agus ann an Sàron, agus thill iad a‑chum an Tighearna.

Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean.

B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan