Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 4:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmean nan ceannardan nan teaghlaichean fhèin: agus ann an taigh an athraichean mheudaich iad gu mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.

Agus Sisa mac Shiphi, mhic Aloin, mhic Iedaiah, mhic Shimri, mhic Shemaiah.

Agus chaidh iad gu ruig dol a‑steach Ghedoir, eadhon gu ruig taobh an ear a’ ghlinne, a dh’iarraidh ionaltraidh dan treudan.

Agus b’iad seo cinn-taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn-taighe an athraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan