Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.
Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimcheall nam bailtean mòra sin, gu Balat-beer-ramat, mu dheas. B’i sin oighreachd treubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean.