A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd-cuideachaidh anns a’ chogadh.
Agus ann am Bet-marcabot, agus ann an Hasar-susim, agus ann am Bet-birei, agus ann an Saaraim. B’iad sin am bailtean mòra, gus an do rìghich Daibhidh, maille rim bailtean beaga.
Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;