Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.
Agus bha aig Simei sia-mic-dheug agus sianar nighean; ach aig a bhràithrean cha robh mòran cloinne, agus cha deachaidh an teaghlaichean uile an lìonmhorachd, cosmhail ri cloinn Iùdah.
Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.
A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd-san.