Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 3:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad mic Phedaiah Serubabel, agus Simei: agus mic Sherubabeil; Mesulam, agus Hananiah, agus Selomit am piuthar:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus Malchiram, agus Pedaiah, agus Senasar, Iecamiah, Hosama, agus Nedabiah.

Agus Hasubah, agus Ohel, agus Berechiah, agus Hasadiah, Iusab-hesed, còignear.

A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Seraiah, Realaiah, Mordecai, Bilsan, Mispar, Bigbhai, Rehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL.

Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.

Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.

Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd-shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh,

Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart; agus bithibh-se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh.

Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel, agus ghin Salatiel Serobabel,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan