Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 3:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Ieconiah: Asir, Salatiel a mhac,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus mic Iehoiacim: Ieconiah a mhac, Sedeciah a mhac.

Agus Malchiram, agus Pedaiah, agus Senasar, Iecamiah, Hosama, agus Nedabiah.

Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.

Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh.

An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.

Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.

Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel, agus ghin Salatiel Serobabel,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan