Ochd-bliadhna-deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e ann an Ierusalem trì mìosan: agus b’e ainm a mhàthar Nehusta, nighean Elnatain o Ierusalem.
Ach anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiachim rìgh Iùdah, anns an dara-mìos-deug, air an t‑seachdamh-là‑fichead den mhìos, thog Ebhil-merodach rìgh Bhàbiloin, air a’ bhliadhna anns an do thòisich e air rìoghachadh, suas ceann Iehoiachin rìgh Iùdah à prìosan.
Agus chuir an Tighearna, Dia an athraichean, fios dan ionnsaigh le làimh a theachdairean, ag èirigh gu moch, agus a’ cur uaithe; a chionn gu robh truas aige da shluagh, agus da àite-còmhnaidh.
Ochd-bliadhna-deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e trì mìosan agus deich làithean ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna.
An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?