Trì-bliadhna-fichead a dh’aois bha Iehoahas nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e trì mìosan ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah.
Agus rinn Phàraoh-necho Eliacim mac Iosiah na rìgh an àite Iosiah a athair agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim, agus thug e air falbh Iehoahas; agus thàinig e don Eiphit, agus dh’eug e an sin.
Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem.
Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon-bhliadhna-deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos.
Oir mar seo deir Iehòbhah mu thimcheall Shaluim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, a rìghich an àite Iosiah a athair, a chaidh a‑mach as an àite seo, Cha till e thuige nas mò:
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!
Agus amhail na droch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas (mar seo gu deimhinn deir an Tighearna), mar sin bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a uachdarain, agus am fuidheall de Ierusalem, a dh’fhanas anns an tìr seo, agus iadsan a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit: