Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ahas a mhac-san, Heseciah a mhac-san, Manaseh a mhac-san,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug de Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Iotaim rìgh Iùdah air rìoghachadh.

Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Heseciah a mhac na àite.

Agus anns an treas bliadhna de Hosèah mac Elah, rìgh Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.

Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean: agus rìghich Manaseh a mhac na àite.

Amasiah a mhac-san, Asariah a mhac-san, Iotam a mhac-san,

Amon a mhac-san, Iosiah a mhac-san.

Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.

Thòisich Heseciah air rìoghachadh nuair a bha e còig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah, nighean Shechariah.

Dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan