Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 3:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ioram a mhac-san, Ahasiah a mhac-san, Iòas a mhac-san,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh, a athair: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.

Thòisich Ahasiah mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna.

Ach ghabh Iehoseba, nighean rìgh Ioraim, piuthar Ahasiah, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean: agus dh’fhalaich iad e o Ataliah air chor is nach do mharbhadh e,

Seachd bliadhna a dh’aois bha Iehoas nuair a thòisich e air rìoghachadh.

Anns an t‑seachdamh bliadhna de Iehu thòisich Iehoas air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibiah o Bheer-sèba.

Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Iehoram, mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.

Agus chaidil Ioram maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Ahasiah a mhac na àite.

Anns an dara-bliadhna-deug de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.

Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san,

Amasiah a mhac-san, Asariah a mhac-san, Iotam a mhac-san,

Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.

Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige.

Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.

Seachd bliadhna a dh’aois bha Iòas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibia o Bheer-sèba.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan