Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban-Amonach. Agus rìghich Abiam a mhac na àite.
Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich a mhac Iehosaphat na àite.
Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean-san bha an tìr sàmhach deich bliadhna.