Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-Charmeleach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thachair an dèidh seo gu robh aig Absalom mac Dhaibhidh piuthar mhaiseach dom b’ainm Tàmar; agus ghràdhaich Amnon mac Dhaibhidh i.

Agus rinn òglaich Absaloim ri Amnon mar a dh’àithn Absalom: an sin dh’èirich mic an rìgh uile, agus chaidh gach fear dhiubh air a mhuileid, agus theich iad.

A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.

Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh.

Agus teaghlaichean nan sgrìobhaichean a bha a chòmhnaidh aig Iabes: na Tirataich, na Simeataich, agus na Suchataich. Is iad sin na Cenich a thàinig o Hemat, athair taigh Rechaib.

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

An treas mac, Absalom mac Mhaachah, nighean Thalmai rìgh Ghesuir: an ceathramh, Adoniah mac Hagit:

Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah,

Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan-Charmeleach, bean Nàbeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan