Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach.
Mic Laadain: Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triùir.
Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim.
Agus thàinig iad, gach duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna airson obair pàillean a’ choitheanail, agus airson a sheirbhis uile, agus airson an èididh naoimh.
Agus is iad seo ainmean mic Ghersoin a rèir an teaghlaichean: Libni agus Simei.