Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 29:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis taigh Dhè, de òr còig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus de airgead deich mìle tàlann, agus de umha ochd-mìle-deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iarainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus sholair Daibhidh iarann ann am pailteas a‑chum tàirngean do chòmhlaichean nan geatachan, agus a‑chum nan dlùthadh; agus umha ann am pailteas, gun tomhas;

A rèir an comais thug iad, gu ionmhas na h‑obrach, trì-fichead agus aon mhìle darcon òir, agus còig mìle punnd airgid, agus ceud culaidh sagairt.

B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì-fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.

Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan