Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 29:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Trì mìle tàlann òir, de òr na h‑Ophir, agus seachd mìle tàlann de airgead fìorghlan, a chòmhdachadh ballachan an taighe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu Ophir, agus thug iad as a sin òr, ceithir cheud agus fichead tàlann, agus thug iad gu rìgh Solamh e.

Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab. B’iad sin uile mic Ioctain.

A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

An t‑òr fa chomhair nithean de òr, agus an t‑airgead fa chomhair nithean de airgead, agus fa chomhair gach uile ghnè obrach a nìthear le làmhan luchd-ceàirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisrigeadh an‑diugh don Tighearna?

Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.

B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì-fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan