1 Eachdraidh 29:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’ith agus dh’òl iad an làthair an Tighearna air an là sin le mòr shubhachas; agus rinn iad Solamh mac Dhaibhidh na rìgh an dara uair, agus dh’ung iad e don Tighearna na àrd-uachdaran, agus Sadoc na shagart. Faic an caibideil |
A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.