Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 29:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics.

Agus thoir do Sholamh mo mhac cridhe iomlan, a ghleidheadh d’àitheantan, do theisteis, agus do reachdan, agus a dhèanamh nan nithean seo uile, agus a thogail na lùchairt fa chomhair an d’ullaich mise.

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim.

Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.

Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.

Agus cuiridh tu ann suidheachadh chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal; seo a’ chiad sreath.

Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.

Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.

Agus an ceathramh sreath, beril, onics, agus iasper: bha iad air an ceangal ann am failean òir nan suidheachadh.

Agus dh’obraich iad clachan onics ceangailte ann am failean òir, air an gearradh le gearradh seula, le ainmean chloinn Israeil orra.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Oir tha mi a’ toirt fianais gu robh iad uapa fhèin toileach a rèir an comais, seadh, thar an comas:

Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan