1 Eachdraidh 29:18Am Bìoball Gàidhlig 1992O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin; Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.
Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.
Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria.