Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 29:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Thighearna ar Dia, tha am pailteas seo uile a dh’ullaich sinne a thogail taighe dhut fa chomhair d’ainm naoimh a’ teachd od làimh fhèin, agus is leat fhèin e gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Agus fhreagair Asariah an t‑àrd-shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo.

Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal.

Is leamsa an t‑airgead, agus is leamsa an t‑òr, deir Tighearna nan sluagh.

An sin thàinig an ciad fhear, ag ràdh, A thighearna, bhuidhinn do phunnd deich puinnd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan